dcsimg

Sgarbh ( Scottish Gaelic )

provided by wikipedia emerging languages

'S e eun-mara a th' anns an sgarbh Phalacrocorax carbo.

Canar cuideachd ballaire no ballaire a' bhòthain ris, agus tha ainmean leithid: cailleach-dhubh no fitheach mara air, ach 's e sgarbh an t-ainm as cumanta san latha a th' ann.

'S e sgarbh òg a th' ann an sgaireag, ach dh'fhaodar sgaireag a thoirt air faoileag òg cuideachd.[1]

Tha an sgarbh gu math coltach ri sgarbh an sgùmain Phalacrocorax aristotelis.

Sealg an sgairbh

Bhathar a' sealg agus ag ithe an sgairbh, 's a' dèanamh feum dheth ann an diofar dhòighean san t-seann aimsir.

Tha cunntas ga thoirt le Eachann MacDhùghaill ann an 1938 air mar a bhathar a' glacadh nan sgarbh ann an Colla: [2]

"Bhiodh na bodaich a chunna mise a' dol do chreag-nan-eun an uair a bha iad òg, is a' deanamh "biùmh-lamhach" mu'n d'thubhairt iad féin e, air na sgairbh. Is iomadh sgeul a bha aca air a bhi a' dìreadh na Stalla Duibhe an Sùl-ghorm, seadh, agus air an t-sraighlich mhi-nàdurra bhiodh iad ag cluinntinn am mullach a mhill ud, far an do thogadh an taigh-solais a tha air an diugh 'nar linn féin. Bha iad ag ràdh gu'm biodh na sgairbh, an ám dol a laighe anns a' chreig, a' fàgail aon air faire is an còrr dhiubh a' pasgadh an cinn fo'n sgroib.
An uair a rachadh na bodaich—gillean lùthmhor anns an ám ud—air tìr air a' chreig, a' cheud rud a dhèanadh iad, b'e an sùil fhaotainn air sgarbh-na-h-aire. Bhiodh esan daonnan air binnein na b' àirde na an còrr, agus b' e faotainn chuige mu'n toireadh e gorc-rabhadh [goir-rabhadh] as, ris an robh obair na h-oidhche uile gu léir an crochadh. An uair a gheibhteadh esan as an rathad, cha robh ach gabhail do'n chòrr as an leth-oir gus am biodh feumalachd gach teaghlaich a bhiodh ri roinn do na sgairbh fhaotainn air a sholar gu pailt is gu tomadach."

Còcaireachd an sgairbh

Air a' phrògram 'Blasad', thug Fergie Dòmhnallach iomradh air mar a dh'itheadh iad sgarbh ann am Muideart:

"'S e delicacy (mì-shoilleir) a bh' ann an sgarbh. Tha cuimhne agamsa an dòigh a bh' againn air. Bha sinn ga thilgeil leis a' ghunna. Bhiodh mar seachd no ochd agaibh a' falbh air a' bhàta, 'fhios agad. Thigeadh tu air tìr le 'load' math dhiubh. Agus bha thu ga fhàgail airson seachdain tha mi smaoineachainn agus bha thu a' toirt a chraiceann dheth. Agus mo mhàthair, bha i a' cur tuirneap na bhroinn agus - soup - a bha i dèanadh. Barley. Tuirneap. Agus nuair a bha e air a bhruich, bha i ga thogail agus ga thoirt às a chèile agus - air a' frying pan le uinneanan agus buntàta. Is, 's e a bha math. 'S e blas aice fhèin cha robh ... tha (meall?) de dhaoine, dh'abair iad, 'tha blas iasg air', ach cha robh sinn a' faireachdainn sin idir." [3]

Iomraidhean

  1. Gaelic names of Plants, Fungi & Animals, Ellen I. Garvie, Clò Ostaig (1999); ISBN 1-897873-69-7
  2. MacDhùghaill, Eachann. 1938. 'Colla' Am Measg nam Bodach Glaschu: An Comunn Gaidhealach, 36-7.
  3. 'Blasad' Sorbier Productions airson MG Alba 2010 le Tony Kearney, Fergie Dòmhnallach agus Agnes Rennie.

license
cc-by-sa-3.0
copyright
Ùghdaran agus luchd-deasachaidh Wikipedia

Sgarbh: Brief Summary ( Scottish Gaelic )

provided by wikipedia emerging languages

'S e eun-mara a th' anns an sgarbh Phalacrocorax carbo.

Canar cuideachd ballaire no ballaire a' bhòthain ris, agus tha ainmean leithid: cailleach-dhubh no fitheach mara air, ach 's e sgarbh an t-ainm as cumanta san latha a th' ann.

'S e sgarbh òg a th' ann an sgaireag, ach dh'fhaodar sgaireag a thoirt air faoileag òg cuideachd.

Tha an sgarbh gu math coltach ri sgarbh an sgùmain Phalacrocorax aristotelis.

license
cc-by-sa-3.0
copyright
Ùghdaran agus luchd-deasachaidh Wikipedia